CÙRSA ÀRAINNEACHD GÀIDHLIG A’ DOL ‘VIRTUAL’

Bidh Àrainneachd, Cànan is Dualchas a’ tilleadh am-bliadhna

(2021) ann an riochd didsiteach, an dèidh gun deach a chur

dheth an-uiridh air sgàth Chovid-19. Airson bhliadhnaichean,

bha an cùrsa – a tha a’ toirt sùil phragtaigeach air nàdar is

àrainneachd tro shùilean nan Gàidheal (agus tro mheadhan na

Gàidhlig) – air a chumail anns an Taobh Sear anns an Eilean

Sgitheanach, an dà chuid a-muigh agus a-staigh. ’S e Urras an

Taobh Sear a bha ga chumail, le Ruairidh MacIlleathain mar

phrìomh oide. Ann an 2016, bhuannaich an cùrsa duais ‘Ùr-

Gnàthachas ann am Foghlam’ anns na Duaisean Gàidhlig

nàiseanta.

Am-bliadhna, mar thoradh air suidheachadh a’ mhòr-ghalair,

tha an t-Urras a’ toirt cuireadh dhuibh a bhith an cois Ruairidh

air cladach didseatach. Bithear a’ ruith a’ chùrsa gu didseatach

mar 6 òraidean, gach tè uair-a-thìde, anns an Iuchar agus san

Lùnastal 2021. Agus mar chomharra air Bliadhna nan

Costaichean ’s nan Ùisgeachan, bidh gach òraid air cuspair co-

cheangailte ris a’ mhuir is a’ chladach – ainmean-àite,

feamainn, ainmhidhean neo-dhruim-altach, èisg, eòin-mhara

agus mamailean. Bithear a’ toirt sùil air ainmean is feartan nan

diofar ghnèithean agus air dualchas is beul-aithris nan

Gàidheal ann an co-cheangal riutha.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig …https://www.eventbrite.co.uk/e...